![]() |
| Dealbhan le cead coibhneil bho Bernard Rickus |
Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air clàrachadh airson Dian-rèis nam bogsaichean-siabainn air a’ Mhonadh Ruadh.
Airson àite a ghlèidheadh dhut fhèin airson rèiseadh leis an leathad anns an rèis charbadan bogsa-siabainn iongantach seo, luchdaich a-nuas agus lìon am foirm clàrachaidh seo agus till thugainn e le seic airson £85 do ‘Scottish Cartie Association’ chun an t-seòlaidh a chì thu air an fhoirm.
Dèan cinnteach gun do leugh thu riaghailtean co-chuir agus riaghailtean na co-fharpais is cumhaichean a’ chlàrachaidh a chì thu air an fhoirm chlàrachaidh agus gu bheil thu gan tuigsinn. Thoir an aire gum bi aig do chairt agus d’ acainn sàbhailteachd a dhol tro dheuchainn sàbhailteachd chruaidh mus faigh thu cead rèisidh air sgàth nàdar na co-fharpais agus nan astaran ris a bheilear an dùil (corr air 50mph ann an cuid de dh’àitichean).
Cha bhi barrachd air 24 sgiobannan ann agus thèid na h-àitichean seo a thoirt seachad dhan chiad 24 sgioba a chlàraicheas. Mar sin dheth, na bi fada gun chlàrachadh gus briseadh-dùil a sheachnadh. Bidh liosta eile againn airson nan sgiobannan nach d’ fhuair àite sa chiad 24. (Cha tèid seicichean nan sgiobannan seo a chur dhan bhanca mura faigh iad cead a-steach).
Ma tha duilgheadas sam bith agad le luchdadh a-nuas no clò-bhualadh an fhoirm, leig fios thugainn agus cuiridh sinn lethbhreac thugad sa phost.
Latest Tweets
- cairngormCartie: Bromham soapbox king sets world speed record at Cairngorm (From The Wiltshire Gazette and Herald) http://goo.gl/r5Ct
- cairngormCartie: Soapbox racing is the latest speed sensation | STV Video http://goo.gl/NJth
- cairngormCartie: @tm_PistnBroke @tm_PistnBroke That's keen - Dalby's still 11 days away...







![This project was part-financed by the Scottish Governmen and the European Community [Cairngorms Local Action Group] LEADER 2007-2013 Programme This project was part-financed by the Scottish Governmen and the European Community [Cairngorms Local Action Group] LEADER 2007-2013 Programme](/files/u1/web_pagefooter.png)